Home Bible Search Bible Study Fun & Games Hymn Lyrics Free E-Cards Webmaster
Albanian Bible American Standard Basic English Bulgarian Bible Cebuano Bible Chinese Big5 Chinese GB
Chinese Traditional Darby English Bible Douay-Rehims Gaelic Manx Gaelic Scotts Greek NT Greek OT
Greek NT Greek NT Stephanos Haitian - Creole Hungarian Bible Jewish Bible King James King James V2
Korean Bible Latvian Bible Maori Bible Modern Greek Rumanian Version Russian Version Ukrainian Bible
Webster's Bible Weymouth NT World English Wycliffe NT Youngs Literal Display/Font Help Contact Us

Scots Gaelic Bible

Mark 6

Mark

Return to Index

Chapter 7

1

Agus thainig na Phairisich ga ionnsuidh, is cuid dhe na Sgriobhaich bho Ierusalem.

2

Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil ag ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh.

3

Oir chan ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leantuinn beul-aithris nan seanairean.

4

Agus ma thig iad bhon mhargadh, chan ith iad gun ionnlad; `s tha iomadh ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, is phoitean, is shoitheachan praise.

5

Agus dh` fharraid na Phairisich `s na Sgriobhaich dheth: Carson nach eil do dheisciopuil a leantuinn beul-aithris nan seanairean, ach ag ithe arain le lamhan gun nighe?

6

Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Is math a dh` fhaisnich Isaias mur deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgriobhte: Tha `m pobull so toirt urraim dhomhsa lem bilean: ach tha an cridhe fada bhuam.

7

Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa,`s iad a teasgasg puingean is orduighean dhaoine.

8

Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, is chupaichean; agus moran nithean eile den leithidean sin tha sibh a dianamh.

9

Is thuirt e riutha: Is math tha sibh a cur fainte Dhe air chul, gus ur beul-aithris fhein a chumail.

10

Oir thuirt Maois: Thoir onair dhad athair is dhad mhathair; agus: Am fear a mhollaicheas athair no mhathair, a basachadh basaicheadh e.

11

Ach tha sibhse ag radh: Ma their duine ri `athair no ri mhathair corban sam bith (Se sin tobhartas) bhuamsa, thig e gu buannachd dhutsa

12

Agus thar sin cha leig sibh leis dad a dhianamh dha athair, no dha mhathair,

13

Mar sin, a cur facal Dhe air chul le ur bial-aithris fhein, a tha sibh a cumail a dol, agus tha sibh a dianamh iomadh ni eile coltach riutha sin.

14

`Sa gairm a rithist an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Eisdibh rium uile, agus tuigibh.

15

Chan eil ni a dol a staigh ann an duine bhon taobh a mach, a `s urrainn a thruailleadh: ach `siad na nithean a tha tighinn a mach a duine, a tha truailleadh an duine.

16

Ma tha cluasan aig neach sam bith gu cluinntinn, cluinneadh e.

17

Agus nuair a chaidh e stigh don tigh bhon t-sluagh, dh` fharraid a dheisciopuil dheth mun dubhfhacal.

18

Is thuirt e riutha: A bheil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sam bith a dol a stigh ann an duine bhon taobh a mach, a `s urrainn a thruailleadh:

19

A chionn `s nach eil e a dol a stigh `na chridhe, ach a dol a stigh na bhroinn, theid e mach don dun. (Mar sin, a glanadh bhiadhan uile).

20

Ach thuirt e, gur iad na nithean, a thig a mach as an duine a thruailleas an duine.

21

Oir `sann bhon taobh a stigh a cridhe dhaoine a thig droch smaointean, adhaltras, striopachas, murt,

22

Goid, sannt, drochbheart, foill, mi-gheamnachd, droch-shuil, blaisbheum, uabhar, aimideachd.

23

Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhon taobh stigh, `s tha iad a truailleadh an duine.

24

`S ag eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; `sa dol a stigh do thigh, cha b` aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air, ach cha b` urrainn dha a bhith am falach.

25

Oir cho luath `sa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, mu dheidhinn, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan.

26

Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn.

27

Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseachd: oir chan eil e math aran na cloinne a ghabhail, `sa thilgeadh thun nan con.

28

Ach fhreagair ise, is thuirt i ris: Is fior sin, a Thighearna, ach ithidh na cuileinean fon bhord de chriomagan na cloinne.

29

Is thuirt e rithe: Air son an fhacail so bi falbh, chaidh an deomhan a mach as do nighinn.

30

`S nuair rainig i a tigh, fhuair i an nighean `na laidhe air an leabaidh, `s an deomhan air a dhol a mach aisde.

31

`Sa triall a rithist a criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis.

32

Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar is balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air.

33

Is ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir `na chluasan; `s le shile bhean e dha theangaidh;

34

`S ag amharc suas gu neamh, thug e osnadh, is thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air d` fhosgladh.

35

Agus san uair dh` fhosgladh a chluasan, agus dh` fhuasgladh ceangal a theangaidh, is labhair e ceart.

36

Is dhaithn e orra gun iad a dh` innse do neach sam bith. Ach mar is mua dh` aithn e orra `sann is mua bha iadsan ga innse;

37

Agus sann is mua ghabh iad ioghnadh, ag radh: Rinn e a h-uile ni gu math; thug e air na bodhair cluinntinn, agus air na balbhain labhairt.

Mark 8

 

 

 

Other Resources and Sponsors
AmericanUnsecured.com
Get Approved for a Personal Loan Today! Loans for any reason!
CreditMD.com
Get your credit report and credit repair tips today.
AmericaOneFunding.com
Need a Small Business Loan ? Get Funding Today!
BusinessCase-ROI.com
Powerful Business Case tools to help manage your business.
HIPAAClickandComply.com
Solutions for HIPAA Training and compliance. Train your staff Now!
DietsMD.com
A diet plan showing you how to lose weight the healthy way!
FastApprovalCreditCards.com
The best bad credit loan providers on the web.
Google.com
The most accurate and concise directory on the web!
OnlineStudentCreditCards.com
Get approved for a Visa Student Credit Card Today!