Home Bible Study Hymn Lyrics Webmaster Contact Us LifeLock Free Blog
Albanian Bible American Standard Basic English Bulgarian Bible Cebuano Bible Chinese Big5 Chinese GB
Chinese Traditional Darby English Bible Douay-Rehims Gaelic Manx Gaelic Scotts Greek NT Greek OT
Greek NT Greek NT Stephanos Haitian - Creole Hungarian Bible Jewish Bible King James King James V2
Korean Bible Latvian Bible Maori Bible Modern Greek Rumanian Version Russian Version Ukrainian Bible
Webster's Bible Weymouth NT World English Wycliffe NT Youngs Literal Display/Font Help LifeLock

Scots Gaelic Bible

Mark 7

Mark

Return to Index

Chapter 8

1

Anns na laithean sin a rithist nuair a bha moran sluaigh ann, gun ni aca a dh` itheadh iad, ghairm e a dheisciopuil, is thuirt e riutha

2

Tha truas agam ris an t-sluagh: oir, seall, tha iad air giulan leam cheana tri latha, `s chan eil ni aca a dhitheas iad:

3

Agus ma leigeas mi air falbh iad `nan traisg dhan tighean, fannaichidh iad air an rathad; oir thainig cuid dhiu air astar.

4

Is fhreagair a dheisciopuil e: Ciamar is urrainn do neach an riarachadh le aran an so san fhasach?

5

Is dh` fharraid e dhiu: Co miad bonnach a thagaibh? Thuirt iad: A seachd.

6

Agus dh` orduich e don t-sluagh suidhe air an lar. `Sa glacadh nan seachd bonnaich, `sa toirt buidheachais, bhrist e, is thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad.

7

`S bha beagan de mheanbh-iasg aca; agus bheannaich e iad, agus dh` iarr e an cur air am bialaobh.

8

Agus dh` ith iad, is riaraicheadh iad, agus den phronnaig a dh` fhagadh thog iad seachd cleibh.

9

Is bha an fheadhainn a dh` ith mun cuairt do cheithir mile: agus chuir e air falbh iad.

10

`S gun mhaille chaidh e air bord a bhata comhla ri dheisciopuil, agus thainig e gu criochan Dhalmanutha.

11

Agus thainig na Phairisich a mach, is thoisich iad ri cheasnachadh, ag iarraidh comharraidh air bho neamh, ga bhuaireadh.

12

`S ag osnaich `na spiorad, thuirt e: Carson a tha an ginealach so ag iarraidh comharraidh? gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach toirear comharradh don ghinealach so.

13

Agus gam fagail chaidh e a rithist air bord bata, is dh` fhalbh e thar a chaol.

14

Agus dhiochuimhnich iad aran a thoirt leo agus cha robh aca ach aon bhonnach maille riutha san eathar.

15

Is dh` aithn e orra, ag radh bithibh sealltuinneach agus faicilleach bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, `s bho thaois ghoirt Heroid.

16

Agus bha iadsan a reusonachadh ri cheile, ag radh: `S ann a chionn `s nach eil aran againn.

17

Thuirt Iosa riutha, `s e tuigsinn so: Carson tha sibh smaoineachadh a chionn `s nach eil aran agaibh? nach eil sibh a faicinn fhathast no a tuigsinn? a bheil ur cridhe dall fhathast?

18

Tha suilean agaibh, `s nach eil sibh a faicinn? Agus cluasan agaibh, `s nach eil sibh a cluinntinn? Cha mhua tha sibh a cuimhneachadh,

19

Nuair a bhrist mi na coig bonnaich am measg choig mile, co miad lan cleibh de phronnagan a thog sibh? Thuirt iad ris: A dha dhiag.

20

A rithist, na seachd bonnaich am measg cheithir mile, co miad cliabh do phronnagan a thog sibh? Is thuirt iad ris: A seachd.

21

Is thuirt e riutha: Ciamar nach eil sibh a tuigsinn fhathast?

22

Agus thainig iad gu Bethsaida, `s thug iad duine dall ga ionnsuidh, agus ghuidh iad air gum beanadh e dha.

23

`Sa breith air laimh an doill, thug e mach as a bhaile e; `sa cur a shile air a shuilean, `sa cur a lamhan air, dh` fharraid e dheth, an robh e faicinn dad.

24

`Sa sealltuinn suas thuirt e: Tha mi faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd.

25

An sin chuir e a lamhan air a shuilean a rithist; agus thoisich e ri faicinn; is fhuair e fhradharc, air chor `s gum bu leir dha gach ni gu soilleir.

26

Is chuir e gu thigh fhein e, ag radh: Falbh gud thigh; agus ma theid thu stigh don bhaile, na innis do neach sam bith.

27

Agus chaidh Iosa agus a dheisciopuil a mach gu bailtean Chesarea Philippi; `S air an t-slighe dh` fharraid e dhe dheisciopuil, ag radh riutha: Co tha daoine ag radh is mi?

28

Fhreagair iad e ag radh: Eoin Baistidh, cuid Elias, ach cuid eile mar aon de na faidhean.

29

An sin thuirt e riutha: Ach co tha sibhse ag radh is mi? Fhreagair Peadar, is thuirt e ris: is tu Criosda.

30

Agus mhaoidh e orra, gun iad a dh `innseadh so mu dheidhinn do neach sam bith.

31

Is thoisich e ri theagasg dhaibh gum feum Mac an duine moran fhulang, a bhith air a dhiultadh leis na seanairean, `s leis na h-ardshagairt, agus leis na Sgriobhaich, `sa bhith air a chur gu bas; agus an deigh thri laithean eirigh a rithist.

32

Agus labhair e am facal gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus theann e ri chronachadh.

33

Ach Iosa a tionndadh, sheall e air a dheisciopuil, is bhagair e air Peadar, ag radh: Theirig air mo chulaobh, a shatain: oir chan eil tlachd agad do nithean Dhe, ach do nithean dhaoine.

34

`Sa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Ma `s aill le neach sam bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, is togadh e chrois, agus leanadh e mi.

35

Oir co sam bith leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: agus co sam bith a chailleas a bheatha air mo shonsa, `s air son an t-soisgeil, sabhailidh e i.

36

Oir ciod e is fheairrde duine, an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e anam?

37

No ciod a bheir duine an eirig anma?

38

Oir an neach a ghabhas naire asam-sa, is as mo bhriathran, anns a ghinealach adhaltrannach agus pheacach so, gabhaidh Mac an duine naire assan-san, nuair a thig e an gloir Athar maille ris na h-ainglean naomha.

Mark 9

 

 

 

Christian Businesses
Apply for a Business Loan and receive funding from
Quick Loans available. Get funds within 1 to 3 business days.
Nearly ever American home owner needs a home mortgage loan . Apply for yours at Fast Approval.
There is no need to provide collateral for an unsecured personal loan .
Too busy to get to the bank? Apply online for a credit card !
Credit Cards For Bad Credit History can help you re-establish your credit.